Tha cumhachdan a’ tilleadh bhon Aonadh Eòrpach dhan Rìoghachd Aonaichte, agus tha Riaghaltas Bhreatainn airson an glèidheadh air fad agus coma leotha gu bheil Pàrlamaid againn ann an Alba.

Thug Rùnaire na Stàite airson Alba, Daibhidh Mundell seachad gealladh nach tachradh a leithid, ach a-nis tha e fhèin agus a chuideachd ann am Westminster air taic a thoirt do bhile a nì an dearbh rud.

Tha an dà chuid Pàrlamaid na h-Alba agus Seanadh na Cuimrigh air a ràdh nach eil iad deònach Gluasad Cead Reachdail a thoirt seachad dhan bhile mar a tha i.

Tha fiù ’s na Tòraidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh, gum bu chòir a’ bhile atharrachadh.

Thèid a’ bhile a dheasbad ann an Taigh nam Morairean a dh’aithghearr.

Bha cothrom aig na Tòraidhean Albannach taic a chur ri atharrachadh a chur na Làbaraich ris a’ bhile ach dhiùlt iad an cothrom a ghabhail. Tha 13 dhiubh ann agus chan eil ach deichnear Bhuill Phàrlamaid aig an DUP. Às aonais bhòtaichean nan Tòraidhean Albannach, gach neach dhiubh a’ riochdachadh sgìrean nach tug taic do Bhrexit, cha bhiodh a’ bhile air soirbheachadh. Cha bhiodh sin air stad a chur air Brexit, ach bhiodh e air màl a chur air, agus bhiodh iad air sealltainn gun robh buaidh aig na Tòraidhean Albannach ann an Westminster. Ach cha do rinn iad sin.

Aig cnag na cùise, tha Achd na h-Alba 1998. A-rèir an achd, a dh’ath-thòisich Pàrlamaid na h-Alba, tha cuid de chumhachdan ainmichte air an glèidheadh aig Westminster, agus ’s ann aig Taigh an Roid a tha cumhachd thar a h-uile sìon eile. ’S e prionnsabal cudromach a th’ ann agus thug Westminster suim dha fad da dheichead. Ach ma shoirbhicheas leis a’ bhile seo, thig crìoch air an àm sin. As aonais an achd agus a’ phrionnsabail sin cha bhiodh gin de na laghan no atharrachaidhean a thug Pàrlamaid na h-Alba dhuinn againn.

Chan eil bun-reachd sgrìobhte againn ann an Alba fhathast, no anns an Rìoghachd Aonaichte, ach nan robh, bhiodh prionnsabalan Achd na h-Alba 1998 nam pàirt dhi. Anns na Stàitean Aonaichte feumar mòr-chuid de dhà às gach trì ann an dà thaigh a’ Mhòr-dhàil fhaighinn mus tèid aca air a’ bhunreachd atharrachadh. Ann am Poblachd na h-Éireann feumaidh atharrachaidhean bun-reachdaile taic a’ phobaill fhaighinn ann an reifreann. Ach chan eil bunreachd againne agus chan e ach achd Westminster eile a th’ ann an Achd na h-Alba. Dh’fhaodadh Westminster Taigh an Ròid a dhùineadh a-màireach le achd eile.

’S iad na Tòraidhean a tha ancòmhnaidh a-mach air “miann muinntir na h-Alba” agus mar a feumar urram a thoirt do thoradh an reifreinn. Uill, bhòt muinntir na h-Alba ann an 1997 airson pàrlamaid le cumhachdan glèidhte ann an achd sònraichte agus ’s iad na Tòraidhean am pàrtaidh a tha gan cur an cunnart a-nis. Is beag an t-iongnadh gu bheil iad, agus an luchd-taic anns na meadhanan, airson ‘s gum bi sinn ag argamaid mu bhrataichean.

Tha cuid ag ràdh gum bu chòir do Dhaibhidh Mundell, Rùnaire Stàite na h-Alba, a dhreuchd a leigeil dheth. Nam bheachd-sa cha bu chòir. Is i Ruth Davidson ceannard a’ phàrtaidh ann an Alba.

Tha dleastanas oirre, mar bhall de Phàrlamaid na h-Alba, a dìon agus cha do rinn i sin. ’S dòcha gum biodh ise nas cofhurtaile anns a’ Phàrlamaid ann an 1707, a bhòt gus cur às dhan Phàrlamaid fhèin. Is ise as coireach agus bu chòir is gun tèid a cur às a dreuchd.

Tha sinn ann an suidheachadh neònach agus chan eil mi cinnteach gu bheil am buidheann beag de Thòraidhean air mothachadh cho cudromach is a tha iad. Nuair nach do shoirbhich le buidheann mòr de BP Làbarach air stad a chur air poileasaidhean Thatcher, rinn PNA magadh orra agus chleachd iad laigsean nan Làbarach ann an Westminster gus taic airson neo-eisimeileachd a neartachadh.

Ann an 2015, ged a fhuair grunn math nàiseantach a-steach cha b’ urrainn dhaibh toirt air Riaghaltas Bhreatainn dad eadar-dhealaichte a dhèanamh, air sgàth ‘s gun robh mòr-chuid aig na Tòraidhean agus cha robh a’ mhòr-chuid sin a’ crochadh air bhòtaichean bho bhuillphàrlamaid Albannaich.

Ach tha e an-dràsta, agus ’s ann air buill-phàrlamaid den aon phàrtaidh agus a th’ anns an Riaghaltas a tha a’ mhòr-chuid a’ crochadh. Mura thèid aig buidheann de BP Albannach, ann an suidheachadh far a bheil iad cho cumhachdach, air stad a chur air laghan a ghoirticheas Alba, chan eil feum sam bith anns an aonadh seo. Tha fios agam gun do ràinig gu leòr dhuinn an co-dhùnadh seo roimhe, ach bhiodh e inntinneach, agus nàdar de cheartas a bhiodh ann, ar leamsa, nan dearbhadh 13 Tòraidhean sin do chàich.