ANN an oilthighean air feadh na dùthcha, chaidh buill den aonadh UCU air stailc, a thòisich o chionn beagan is mìos, is iad a’ feuchainn ri stad a chur air atharrachaidhean anns na peinnseanan aca, atharrachaidhean a bha am buidheann Universities UK, no UUK, buidheann a riochdaicheas cuid de iar-sheansalairean nan oilthighean, airson a chur an sàs.

Tha e doirbh cus a bharrachd ag ràdh mu dhèidhinn am buidheann UUK, oir chan eil aca ri iarrtasan Saoirse an Fhiosrachaidh a fhreagairt, ach tha e soilleir gu bheil airgead nach gann aig na h-oilthighean airson na h-iar-seansalairean agus na manaidsearan agus toglaichean ùra spaideil. Ann an 2013, fhuair 88 neach-obrach ann an oilthighean Albannach tuarastal nas àirde na Prìomh Mhinisteir na h-Alba. Ach dè mu dheidhinn an luchd-obrach nach eil aig mullach structaran riaghlaidh an oilthighe, an luchd-obrach air an toir na h-atharrachaidhean seo am buaidh as motha, luchd-teagaisg, rannsaichean, leabhar-lannaichean agus gu h-àiridh boireannaich?

Mar a thuirt cuid de na sanasan aig an luchd-iomairt, bhiodh an cuid pheinnseanan air an spadadh nan gabhadh iad ris na h-atharrachaidhean seo, le cuid dhiubh an impis còrr is £10,000 de luach a chall gach bliadhna. Ged a rinn UUK deagh phrothaid an-uiridh, agus a dh’aindeoin na th’ aig a’ mhòr chuid de dh’oileanaich anns an Rìoghachd Aonaichte ri phàigheadh ann an cìsean gach bliadhna, tha iad a’ cumail a-mach gu bheil easbhaidh sa sgeama peinnsein seo. Is beag an t-iongnadh gun deach an luchd-obrach air stailc.

Cha b’ ann dìreach nan seasamh mun cuairt air loidhne piogaid a bha an luchd iomairt ge-tà. Ann an iomadh oilthigh chaidh “Teach-Ins” a chumail, far an tug luchd-obrach agus oileanaich a bha air stailc agus cuid eile a bha taiceil ris an iomairt seachad òraidean air iomadh cuspair inntinneach agus bunaiteach. Ann an Oilthigh Dhùn Èideann gabh buidheann de dh’oileanaich a bha a’ toirt taic ris an stailc thairis air aon de phrìomh thallachan-òraid an oilthighe cuideachd agus tha cuid ann fhathast. Thachair a leithid aig còrr is fichead oilthigh air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Tha coltas ann gu bheil an luchd-iomairt air soirbheachadh, gu ìre co-dhiù oir tha UUK a-nis ag ràdh gu bheil iad deònach coinneachadh leis an UCU a-rithist agus tha iad a’ moladh gun tèid panail a chruthachadh gus aithisg a’ sgrìobhadh air na roghainnean aca agus gun tèid aig leth den phanail a thaghadh leis an UCU, mar a dh’iarr cuid anns UCU anns a’ chiad dol a-mach. A-màireach coinnichidh riochdairean an UCU gus beachdachadh air dè bu chòir dhaibh a dhèanamh.

Tha fios aig duine aig a bheil ceangail sam bith ri saoghal nan oilthighean nach e tùr ìbhri a th’ ann idir, airson a’ chuid a bu mhotha den luchd-obrach. Cha mhòr nach eil an suidheachadh obrach aig cuid den luchd-teagaisg is rannsaichean - agus cuid dhiubh nan sàr-eòlaichean – a cheart cho cugallach ri draibhear Uber. Bhiodh peinnsean nas fheàrr aca mar thidsear bun-sgoile mar-thà, nan gabhadh iad ri atharrachaidhean UUK bhiodh an suidheachadh aca nas miosa buileach.

Tha sinn fortanach ann an Alba agus anns an Rìoghachd Aonaichte gu bheil deagh chnap de dh’oilthighean cliùiteach againn. Fhathast tha cuid de na h-oilthighean as fheàrr air an t-saoghail rin lorg an seo ach cha bhi seo fìor fada mur eil sinn deònach an dìon. Cha chreid mi gu bheil na manaidsearan no na h-iar-sheansalairean gus an rannsachadh a dhèanamh no tric gus clasaichean a theagasg.

Tha e ceart nach eil aig oileanaich, cuid dhiubh co-dhiù, ri pàigheadh airson ceum, oir cha bu chòir do dhìth airgid stad a chur air daoine a tha comasach air ceum fhaighinn dol chun oilthigh. Ach feumaidh sinn a bhith mothachail air an droch bhuaidh a bhios air na h-oilthighean agus an dùthaich anns an fharsaingeachd mur h-eil e comasach do dhaoine aig nach eil teaghlach beartach no chèile a tha deònach taic airgid a thoirt dhaibh a bhith a’ leantail oirre às dèidh ceum, gus an ath ghinealach a theagasg agus rannsachadh ùr a dhèanamh.

Mar-thà tha dùbhlain mhòr ro oilthighean ann an fastadh luchd-obrach bho taobh a-muigh an AE. Chan eil cùisean a’ dol a dh’fhàs nas fheàrr le Brexit air faire. Tha e coltach gum bi na h-aon dùbhlain ro luchd-obrach bhon AE às dèidh Brexit. Bidh cruaidh-fheum aig na h-oilthighean air aonaidhean-ciùird làidir, misneachail agus luchd-iomairt tro na h-amannan duilich seo agus tha iad an an deòin agus comas a dhearbhadh anns na beagan seachdainnean a dh’fhalbh.

Am-bliadhna, comharrachaidh sinn deichead on a thòisich Staing an Ionmhais. Chan eil fhios agam dè cho fad ’s a bhios againn uile ri gearraidhean is ionnsaighean mar seo fhulang. Tha mi an dòchas nach bi deichead eile againn dhiubh. Le Brexit agus na Làbaraich gun fheum, aig amannan tha e furasta a bhith eu-dòchasach mun ghnothach. Ach thug na luchd-iomairt anns na h-oilthighean beagan brosnachaidh dhomhsa agus tha mi an làn dòchais gun soirbhich leotha.