’S BOCHD an naidheachd a chuala mi aig an deireadh-sheachdain mu Scott Hutchison, bhon chòmhlan Frightened Rabbit, a chur làmh na bheatha fhèin is e air a bhith a’ strì le slàinte-inntinn fad bhliadhnaichean. Nis, chan e rud neo-àbhaisteach a tha seo ann an saoghal a’ chiùil. Cluinnidh sinn tric mu luchd-ciùil a tha air fulang, is uallach mòr orra a bhith a’ dèiligeadh ri bhith aithnichte. Ach, tha aca cuideachd ri bhith a’ dèiligeadh ri cho caochlaideach ’s a tha an saoghal obrach, ri trioblaidean airgid, dàimhean pearsanta agus gach nì eile a shadas an saoghal orra – is bhiodh na trioblaidean ud ag adhbrachadh dragh do dhuine sam bith.
Ged nach eil mòran dhaoine a’ bruidhinn gu fosgailte mu an cuid thrioblaidean, bha Scott. Chan eil cuid deònach neo misneachail gu leòr an cuid dhuilgeadasan innse do charaidean neo fiù ’s do an teaghlaichean. A rèir a bhràthar Niall ge-tà, dh’fheuch Scott ri seo a dhèanamh gus daoine eile a bha a’ fulang a chuideachadh. Bha seo follaiseach na òrain cuideachd is tha e coltach gun tug iadsan taic do mhòran dhaoine a bha a’ dèiligeadh ri trom-inntinn is trioblaidean-inntinn eile. Thug ceòl Scott togail neo soillearachadh dhaibh gus am biodh iad a’ faireachdainn nach robh iad leotha fhèin.
Dh’fhairich mi gun robh gach neach as aithne dhòmhsa a tha air bruidhinn mu Scott air na meadhanan-sòisealta anns na beagan làithean mu dheireadh a’ faireachdainn gun robh ceangal pearsanta aca ris agus ris a’ cheòl aige agus b’ e sin – agus is e sin – an dìleab a dh’fhàg e. Leanaidh a chuid chiùil gu bhith a’ brosnachadh dhaoine gus taic a shireadh agus gu bhith na b’ fhosgailte mu dheidhinn agus tha e follaiseach gum bi ionndrainn mhòr air.
Ged a bha Scott deònach bruidhinn mu na bha e a’ fulang, agus e a’ sgrìobhadh is a’ seinn mu dheidhinn, feumaidh gun do dh’fhairich e nach robh dòigh eile ann dha. Bidh mòran a’ faireachdainn mar seo mus feuch iad ri bruidhinn mu dheidhinn ge-tà, agus bu chòir do seo dragh eagalach a chur oirnn. Tha e cho cudromach a bhith a’ bruidhinn air slàinte-inntinn ri do chàirdean agus do charaidean agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu a’ faighinn taic agus comhairle bhuapa.
A rèir coltais, tha fir gu h-àraid aindeonach a bhith a’ bruidhinn air an cuid fhaireachdainnean is ‘fearalas nimheil’ air ainmeachadh tric mar adhbhar air a shon. Tha e coltach gu bheil aon fhear a-mach à ceathrar ann am Breatainn air smaoineachadh – co-dhiù aon turas – air làmh a chur nam beatha fhèin, agus tha an àireamh seo ag adhbhrachadh dhragh dhomh. Tha sinn fhathast beò ann an saoghal far a bheil mòran fhireannach a’ faireachdainn gum feum iad ìomhaigh làidir, fearail a thaisbeanadh a dh’aindeoin ’s mar a tha iad a’ faireachdainn air an taobh a-staigh. Mar sin, ciamar a thèid againn air mìneachadh gu bheil e ceart gu leòr dhaibh an cuid dhuilgheadasan a shealltainn?
Feumaidh sinn ar dòighean atharrachadh, ge-tà, agus ’s fheàrr dhuinn dèanamh cinnteach gu bheil coimhearsnachd againn san tèid againn uile bruidhinn mun leithid. Ach, tha e gràbhailte nar dòigh-beatha nach bi daoine deònach a bhith a’ bruidhinn gu fosgailte mu ghnothaichean mar seo neo a’ leigeil fhaicinn gu bheil iad so-leònta, mar gach neach eile. Mhìnich Niall Slorance san sgeidse a rinn e an t-seachdain seo don National gu bheil e airson ’s gum bi sinn beò ann an saoghal far am bi e cho soirbh bruidhinn mu shlàinte-inntinn ’s a bhios e a’ bruidhinn air an aimsir. Chanainn gum biodh e math nam biomaid uile beò san t-saoghal ud. ‘Tha e ceart gu leòr gun a bhith ceart gu leòr’, mar a chanas iad, agus feumaidh sinn a bhith mothachail às a sin.
Tha an t-àm ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn laghach, gu bheil sinn fosgailte, gu bheil sinn deònach a dhol an sàs ann an còmhraidhean mu shlàinte-inntinn còmhla ri daoine eile, gus an cuir sinn às don mhaslach agus don nàir’ a tha co-cheangailte ri trioblaidean-inntinn.
’S fheàrr dhuinn a bhith a’ coimhead air slàinte-inntinn mar a choimheadamaid air slàinte-cuirp – tha e a cheart cho cudromach. Feumaidh sinn sgur a bhith ag iarraidh air na fireannaich ‘man up!’ a dhèanamh agus a bhith a’ fàgail air na boireannaich gu bheil iad ro dhràmadach. Bu chòir dhuinn èisteachd riutha agus a bhith tuigseach mu mar a tha iad a’ faireachdainn, a’ toirt furtachd no brosnachadh dhaibh, a rèir mar a tha a dhìth.
Ma tha sibh fhèin a’ fulang le trioblaidean-inntinn, feuch nach bi sibh leisg ur guth a thogail, ge b’ e dè cho doirbh ’s a tha e dhuibh sin a dhèanamh.
Mar a tha an seanfhacal a’ dol: “A’ chungaidh-leighis as goirte, ’s i as motha a nì feum.”
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here