RINN cuid magadh air buill-phàrlamaid na Pàrtaidh Nàiseanta nuair a lean iad ceannard am buidheann a-mach à seòmar Taigh nan Cumantan nuair a chaidh esan a shadail a-mach. Thuirt cuid gun e cleas a bh’ ann. Ach ’s ann air beingean an Riaghaltais a thèid na fìor chleasaichean a lorg. Fad mhìosan tha riochdairean Riaghaltas Theresa May air coinneamhan a chumail còmhla ri riochdairean Riaghaltas na h-Alba, agus ag ràdh gun robh iad airson tighinn gu aonta air Brexit.

Tha e soilleir a-nis ge-tà nach robh iad ach a’ leigeil orra gun robh iad airson aonta a ruighinn. Nuair nach b’ urrainn dhaibh toirt air Riaghaltas na h-Alba, no pàrtaidh sam bith eile ann am Pàrlamaid na h-Alba, aontachadh ris na h-atharrachaidhean a bha iad airson toirt air cumhachdan na pàrlamaid lean na Tòraidhean orra, gun criomag de dh’atharrachadh a thoirt air an cùrsa.

Chan eil teagamh ann gum biodh e nas fhasa dhaibh Brexit a chur an òrdugh mura robh Pàrlamaid againn an Alba.

Tha na Tòraidhean air an giùlain fhèin ann an dòigh a tha a’ dearbhadh nach eil iad airson aideachadh gu bheil pàrlamaid againn. Chan eil na Tòraidhean deònach cumhachdan ar pàrlamaid nàiseanta a dhìon, oir chan eil iad airson pàrlamaid chumhachdach a bhith ann an Alba. Chan eil cuid dhiubh fiù ’s airson ’s gum bi pàrlamaid againn. Agus mar sin is beag an t-iongnadh gu bheil na Tòraidhean a’ leantainn orra mar nach eil Pàrlamaid againn ann an Alba. Agus a-nis tha iad a’cur sìos air ar pàrlamaid agus a cliù.

Anns a’ Mhàrt, aig Comataidh Thaghte nan Cùisean Albannach rinn Ministear na Stàite airson In-imriche Caroline Nokes coimeas eadar Pàrlamaid na h-Alba agus comhairlean- ionadail ann an Sasainn, ag ràdh nach bhiodh i deònach cumhachdan sam bith a thoirt seachad gu Pàrlamaid na h-Alba nach toireadh iad cuideachd gu Comhairle Lincolnshire.

Tha Tòraidhean Albannach ann an Westminster ris an dearbh rud. Thuirt aon dhiubh gun robh PNA an aghaidh ath-stèidheachadh Pàrlamaid na h-Alba aig àm an reifreann ann an 1997. Sgrìobh fear eile air twitter gun robh còir aig Riaghaltas Bhreatainn laghan sam a chruthachadh dhan Riaghaltas Aonaichte.

’S e sgudal a th’ anns an dà rud tha seo, ach tha iad airson eachdraidh phoileataigeach na h-Alba a sheachnadh gus am bith e nas fhasa dhaibhsan atharrachaidhean connspaideach a spadadh air ar pàrlamaid.

Bu chòir dhuinn fàs cleachdte ris a leithid, oir rè nam mìosan agus nam bliadhnaichean a tha ri tighinn, agus Brexit a’ teannadh dlùth, cha chluinn sinn ach barrachd càineadh agus magadh.

Chan e dìreach staing phoileataigeach eile a th’ ann eadar an dà riaghaltas. Ma thèid cumhachdan a ghoid bho Pàrlamaid na h-Alba, ’s e an ionnsaigh as miosa ann an deicheadan bhios ann air na beag de dheamocrasaidh a th’ againn ann an Alba.

’S e an fhìrinn, ann an co-theacs laghail, gun urrainn do Westminster seo a dhèanamh. Ach chan eil an fhìrinn phoileataigeach co-ionnan ris an fhìrinn laghail. ’S dòcha gun tèid aca air seo a dhèanamh, gu laghail, ach is daor a cheannaicheas iad a leithid. Bha e soilleir bhon fàs a thàinig air ballrachd Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba gu bheil muinntir na h-Alba a’ coimhead agus ag èisteachd agus gu bheil sinn deònach strì a dhèanamh gus ar pàrlamaid a shàbhaladh.

Stèidheachadh a’ phàrlamaid aig Taigh an Ròid le achd pàrlamaid Westminster. Nuair a dh’fheuch Westminster, às dèidh 2014 ri dèanamh mar a gheall iad agus Pàrlamaid na h-Alba a chur ann an suidheachadh far nach deachadh cur às dhi nan togradh le Westminster, cha do shoirbhich leotha, mar a chì sinn a-nis.

’S dòcha nach robh còir againn creidsinn gum biodh muinntir Bhrexit sàsaichte le bhith cur sìos air an Aonadh Eòrpach a-mhàin. Oir chan e a-mhàin an t-AE a tha air ìsleachadh, ann an sùilean cuid dhiubh, cumhachd agus cliù Westminster; cuideachd tha gach pàrlamaid is seanadh anns an Rìoghachd Aonaichte.

Tha gu leòr dhiubh ag ràdh tric gu leòr gur ann mu tilleadh chumhachdan gu Westminster a th’ ann am Brexit. Is beag an t-iongnadh mar sin nach bhiodh iad airson cumhachdan sam bith a cho-roinn le Pàrlamaid na h-Alba.

An t-seachdain-sa dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba nach eil iad gus cead a thoirt seachad do Riaghaltas Bhreatainn air gin de na laghan aca a bhuineas ri Brexit ann an Alba anns na roinnean sin far am bu chòir cumhachd a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba. Dìreach mar a bu chòir.

Tha muinntir na h-Alba ag iarraidh pàrlamaid, agus tha a’ mhòr-chuid, an-dràsta co-dhiù, airson pàirt a ghabhail anns an Aonadh cuideachd. Mura h-eil luchd-riaghladh an Aonaidh deònach a leithid de phàrlamaid a thoirt seachad, cha bhi mòr-chuid aca ro fhada idir. Ma thèid na cumhachdan seo a ghoid bhuainn, cuiridh mi geal gun till iad a dh’Alba an ceann ùine ghoirid, agus ’s ann do dh’Alba neo-eisimeileach a thilleas iad.