This summer’s deadly heatwaves, droughts and wildfires provide a taste of what could become the new normal as a result of climate change. The incremental nature of any change in climate means that it can too often be dismissed from our political priorities. But we know it is happening and that we need to stop burning fossil fuels. We should remember this deadly summer and demand more of our governments.
GLOSSARY:
An Leth Thuath – The Northern Hemisphere
Atharrachadh na Ghnàth-Shìde – Climate Change
Blàthachadh na Cruinne – Global Warming
An t-Sibìr – Siberia
GED a tha na sgòthan air tilleadh thairis air a’ mhòr-chuid den dùthaich, tha samhradh fada blàth air a bhith againn. Tha coltas ann gur e seo an samhradh as teotha ann an grunn bhliadhnaichean.
Tha cuid ag ràdh nach eil e cho eadar-dhealaichte bhon t-samhradh ann an 1976, a bha a cheart cho blàth. Nan robh an teas uabhasach dìreach air tachairt anns an Rìoghachd Aonaichte, ma dh’fhaoidte gum biodh iad ceart.
Ach an samhradh-sa chaidh na h-ìrean teothachd as àirde a-riamh an clàradh air feadh an Leth Thuath, bho Chanada gu Airmeinea, an t-Sibìr gu Ioran. Ann an Algeria, as t-Iuchair, chlàr iad teothachd de 51.3C, an teas as àirde a chaidh chlàradh a-riamh ann an Afraga. Cha do thachair a leithid ann an 1976 idir.
Agus chan eil an samhradh seachad fhathast. Dìreach an deireadh seachdain-sa bhruich teas còrr is 45C an Spàinn agus a’ Phortagail, mu 20C nas àirde na an teas ri am biodh iad an dùil san sgìre aig toiseach an Lùnastail.
Air sgàth ’s an teasa seo, tha teintean uabhasach air sgìrean mòra a sgrios air feadh an t-saoghail. B’ e 2017 a’ bhliadhna as miosa ann an eachdraidh California airson teintean, ach aig deireadh an Òg-mhios am bliadhna bha na teintean mar-thà air sgìre trì turasan nas motha a mhilleadh na a’ chiad leth den bhliadhna an-uiridh.
O chionn cola-deug, dh’fhàg teine anns a’ Ghreug 88 marbh. Anns an t-Suain agus anns an Ruis, tha iad air strì an aghaidh teintean ann an iomadach sgìre, tric far nach eil a leithid idir cumanta, fiù ’s taobh a-staigh Cearcall na h-Artaig.
Tha e soilleir gur e atharrachadh anns a’ ghnàth-shìde a tha as coireach. Ged a chleachdas sinn an abairt ‘blàthachadh na cruinne’, chan e teasachadh a-mhàin an aon dòigh anns an tig atharrachadh air a’ ghnàth-shìde. Fàsaidh gach seòrsa aimsir nas dèine, mar eisimpleir geamhraidhean nas miosa agus doineannan nas cunnartaiche.
Bu chòir dhuinn cuimhneachadh air an t-samhradh seo agus an sgrios a dh’fhàg e agus gach iomairt agus oidhirp a neartachadh gus stad a chur air blàthachadh na cruinne. Ach tha e doirbh cuimhneachadh cho blàth is a bha e nuair a thig an fhuachd.
Tha e nas fhasa tachartasan uabhasach a’ cuimhneachadh an coimeas ri atharrachaidhean slaodach. Tha cuimhne aig gach duine càite an robh iad agus dè bha iad ris, nuair a chuala iad mu dheidhinn na h-ionnsaighean ceannairc 11mh Sultain 2001. Dh’atharraich an saoghal an latha ud.
An dà chuid aig àrd ìre gu h-eadar-nàiseanta, dh’atharraich prìomhachasan poilitigeach ann an iomadh dùthaich, agus aig ìrean làitheil, mar eisimpleir a’ siubhail tro phort-adhair sam bith. Dh’atharraich tòrr às dèidh nan ionnsaighean, ach bhiodh atharrachaidhean nas motha ri teachd agus nas duilghe a dhìth oirnn nan robh sinn gus buaidhean atharrachadh na ghnàth-shìde a lùghdachadh.
Feumaidh mi aideachadh gu bheil e doirbh fiù ’s sgrìobhadh mun chuspair gun mo chuid dòchais a chall. Anns an dòigh sin, chan eil e cho eadar-dhealaichte bho sgrìobhadh mu dheidhinn staid na Gàidhlig. Chan e co-thuiteamas a th’ ann.
Cho fad ’s a mhaireas an siostam calpachas nua-libearalach, thèid an àrainneachd a sgrios, agus còmhla rithe gach cultar agus cànan seach an àireamh bheag, Beurla nam measg, a sgaoil na h-ìompaireachdan. Tha coltas ann, aig amannan, gu bheil feachdan ar nàimhdean ro làidir agus gu bheil e ro anmoch dad a dhèanamh gus atharrachadh bhon t-slighe seo. Ach feumaidh sinn feuchainn.
Tha sinn fortanach, gu ìre, ann an Alba gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ creidsinn ann an atharrachadh san ghnàth-shìde ach, dìreach mar a’ Ghàidhlig, ma tha iad a’ tuigsinn cho èiginneach is a tha an suidheachadh anns a bheil sinn, tha e doirbh a chreidsinn carson nach eil iad deònach barrachd a dhèanamh.
Gach bliadhna bidh rannsachadh ùr a’ cur ris ar tuigse agus cha bu chòir dhuinn dìochuimhneachadh an adhartas a tha sinn air a dhèanamh. Às aonais deicheadan de dh’iomairt cha bhiodh fiù ’s Aonta Pharas againn. Tha na Dùthchannan Aonaichte an dòchas gum bi an Aonta sin gu leòr gus stad a chur air àrdachadh ann an teothachd cuibheasach de bharrachd na 2C. Ged a thuirt Dòmhnall Trump gum fàg na Stàitean an t-aonta, cha do dh’fhàg iad fhathast e.
Chan urrainn dhuinn ag ràdh le cinnt gun dèan aonta den leithid an gnothach. Aig a’ cheann-thall, chan eil a chòrr air a shon ach stad a chur air losgadh connaidhean-fosail. Tha fios againn air a seo. Tha mi an dòchas gun cuimhnich sinn uile air an t-sìde a th’ againn am-bliadhna agus tachartasan uabhasach an t-samhraidh-sa agus gun daingnich sinn ar n-oidhirpean stad a chur air atharrachaidhean anns a’ ghnàth-shìde.
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here