THA sinn air ìre ùr is eagallach de Bhrexit a ruigsinn. Gach latha tha buidheann beag Thòraidhean a’ toirt air Riaghaltas Theresa May na poileasaidhean acasan leantainn, agus gach turas a thachras sin ’s ann nas duille a bhios e còrdadh a’ lorg leis an Aonadh Eòrpach. Agus fad an t-siubhail tha ceann latha den Mhàrt 2019 a’ teannadh oirnn uile.

Tha e soilleir a-nis cuideachd gu bheil cuid de Thòraidhean airson stad a chur air còrdadh sam bith. Tha cuid, an gealtair Boris Johnson mar eisimpleir, deònach ùpraid is mì-rian thòiseachadh oir chì iad cothrom an suidheachadh proifeasanta fhèin adhartachadh. Cuiridh mi geall gu bheil cuid eile dhiubh an dùil airgead a dhèanamh às, dòigh air choireigin.

Chan ann a-mhàin ’s gu bheil iad deònach nam mìltean de dreuchdan a chosg no staing ùr a thoirt air an eaconamaidh, ach gu bheil iad coma mu dheidhinn. ’S e àireamh glè bheag a th’ anns an buidheann seo anns a’ phàrlamaid, ach tha cumhachd aca an-dràsta, leis cho beag is a tha mhòr-chuid an Riaghaltais, agus cha bhiodh cumhachd sam bith aca mura b’ e airson an t-siostam thaghaidh mhì-chothromaich a th’ againn airson Westminster.

Chan eil Brexit ach air dhearbhadh dhomh gu bheil feum aig Alba air neo-eisimeileachd. Cho luath ’s a tha sinn air cuidhteas fhaighinn de Westminster ge-tà, feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach dèanadh Holyrood rudeigin cho sgriosail ri Brexit ann an Alba neo-eisimeileach. ’S dòcha nach urrainn dhuinn stad a chuir air Brexit ach feumaidh sinn ionnsachadh bhon ùpraid a tha ri tighinn.

Thachair Brexit, anns a’ chiad dol a-mach, air sgàth ’s gun do ghairm Camshron reifreann nuair nach robh feum aige, agus thachair sin air sgàth ’s gun robh cus cumhachd ann an làmhan àireamh ro bheag de dhaoine. ’S e sin na tha aig cnag na cùise, agus tha sinn air sin fhaicinn on a thàinig e a-steach air Camshron gun bhiodh reifreann deagh dhòigh, shaoil e, dèiligeadh le trioblaidean taobh a-staigh a phàrtaidh, gu ruige na bùraich làitheil a bhios a’ tighinn bho riaghaltas Theresa May.

Tha fada cus cumhachd aig Westminster, gu ìre nach eil àbhaisteach idir airson deamocrasaidh anns an 21mh linn. Tha droch bhuaidh aig sin air coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Tha iad a’ faireachdainn mar nach eil cumhachd aca agus chan eil iad fada ceàrr. Mar sin nuair a fhuair iad an cothrom, anns an reifreann a’ bhon-uiridh, ionnsaigh a thoirt air an Aonadh Eòrpach agus air Westminster, far an robh a’ mhòr chuid de ghuthan ag innse dhaibh nach bu chòir dhaibh bhòtadh airson Brexit, is beag an t-iongnadh gun do rinn iad sin.

Nuair a tha pàrlamaid cho mì-fhreagarrach airson an 21mh linn agus cho mì-thogarrach èisteachd no atharrachadh, tha e furasta earbsa a chall ann. Cha do rinn Westminster cus idir airson earbsa a choisinn fad bhliadhnaichean a-nis. Ach ’s e an cunnart a bu mhotha is gun call cuid earbsa ann an deamocrasaidh air fad seach ann an aon mhaslach de phàrlamaid a-mhàin, gu h-àraid iadsan ann an Sasainn far nach eil pàrlamaid nàiseanta aca, agus an ceann beagan mhìosan cha bhi pàrlamaid Eòrpach aca a’ bharrachd.

Tha deamocrasaidh ann an cunnart air feadh an t-saoghail ann an 2018. Air feadh na Roinn Eòrpa agus anns na Stàitean tha pàrtaidhean a’ gluasad nas fhaide chun taoibh deise agus tha na faisistich air na sràidean a-rithist. Dìreach an seachdain seo dh’fhoillsich an creutair grànnda Steve Bannon gu bheil e an dùil neartachadh agus cuideachadh nàiseantaich eitnigeach agus ais-cheumnach ro na taghaidhean Eòrpach an ath-bhliadhna.

Ciamar a bu chòir dhuinn Alba dhìon bhon a leithid? A bheil Albannaich a’ faireachdainn gu bheil cumhachd poileataigeach gu leòr aca? Cha chreid mi gu bheil. Le neo-eisimeileachd, bhitheamaid saor bho Westminster agus an cultar cunnartach sin ach cha bhiodh sin na aonar a’ ciallachadh gum biodh sinn sàbhailte buileach. Ma leanas sinn na cleachdaidhean poileataigeach aig Westminster, cha bhi sinn air saorsa fhaighinn bhon rud as miosa mu dh’eidhinn an t-aonaidh seo.

Ged a bha laigsean gu leòr aig a’ bhuidheann Yes Scotland, thuig iad mar a bu chòir dhaibh cumhachd a sgaoileadh agus a bhith leigeil le buidhnean eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha a bhith gan giùlain fhèin.

Nam bheachdsa ’s iad na buidhnean sin an rud a bu mhotha a thog taic airson neo-eisimeileachd, oir dhearbh iad gun robh Albannaich comasach tighinn ri chèile agus obair còmhla gus feuchainn ris an dùthaich aca a dhèanamh nas fheàrr.

Cha robh a leithid idir aig Better Together. Ged a bhuannaich iad an reifreann, cha do choisinn iad taic ùr sam bith dhan aonadh idir, air sgàth ’s nach robh iad airson iomairtean ionadail fhaicinn.

Chan eil againn ach 32 comhairlean an Alba. Tha diofaran mòra agus cudromach eadar Glaschu, Sealltainn, agus a’ Ghàidhealtachd agus ’s e amaideas a th’ ann bhith a’ feuchainn ris an aon shiostam riaghlaidh a thoirt orra uile. Mura robh ach 32 buidhnean Yes againn cha bhiodh sinn air cus adhartas idir a’ dhèanamh. Bu chòir dhuinn stèidheachadh linn ùr ann an deamocrasaidh Albannach air an eisimpleir a thug na buidhnean sin dhuinn.