THAR nam mìosan agus seachdainean a dh’falbh, tha sgeulachdan air nochdadh mu staid a’ Phàrtaidh Làbarach ann an Alba. Leotha fhèin, ’s dòcha nach eil coltas ro chudromach orra ach dhan gabhail còmhla, chì sinn pàtran.

On a bhuannaich Jeremy Corbyn an taghadh airson a bhith na cheannard ann an 2015, tha dà thaobh air strì an aghaidh a chèile taobh a-staigh a’ phàrtaidh agus gu h-àraid am pàrtaidh ann an Alba. Ach a-nis, tha e coltach gu bheil deireadh air tighinn air an strì sin agus tha luchd-taic Mgr Corbyn air soirbheachadh. Bidh Corbyn agus Leonard dhan giùlain fhèin anns an aon dòigh: chan eil àite aca nan sgiobaidhean airson neach sam bith nach eil gu tur dìleas dhaibh. Aig toiseach a’ mhìosa dh’atharraich Richard Leonard ballrachd a’ chaibineit dùbhlanaich aigesan. Às dèidh sin, cha robh neach a tha air dreuchd mhinistreil a glèidheadh roimhe, seach Iain Gray BPA, air fhàgail anns a’ bhuidheann.

Tha am pàrtaidh air dearbhadh ann an dòighean eile nach eil iad deònach taic sam bith a thoirt do neach sam bith anns a’ phàrtaidh nach eil nan Corbynaich. Tha a’ chonnspaid a thaobh nan cosgaisean laghail aig Kezia Dugale mar fhianais air seo cuideachd. Nuair a thòisich cùis-lagha eadar Kezia Dudgale agus blogair chonnspaideach, tha Dugdale a’ cumail a-mach gun do gheall am pàrtaidh gum pàigheadh iadsan na cosgaisean aice. Tha e a-nis soilleir nach eil am pàrtaidh gus sin a dhèanamh. Mura h-eil am pàrtaidh deònach ball-phàrlamaid a chuideachadh, agus seann cheannard aige sin, as dèidh dhaibh gealltainn, carson a bu chòir do dhuine sam bith an creidsinn nuair a gheallas iad dad sam bith eile?

Mar a shaoileadh tu, chan eil a h-uile duine anns a’ phàrtaidh toilichte leis mar a tha cùisean air atharrachadh. Tha cuid den bheachd gu bheil smachd an ìre mhath buan aig luchd-taic Chorbyn thar a’ phàrtaidh, agus tha iad a-nis, às dèidh bhliadhnaichean, air a’ phàrtaidh fhàgail. Nam measg anns na mìosan a dh’fhalbh tha Susan Dalgetty agus Tom Harris. B’ esan BP airson Glaschu eadar 2001 agus 2015 agus sheas e an aghaidh Johann Lamont ann an taghadh airson ceannard a’ phàrtaidh ann an 2011. Bha ise na leas-cheannard air Comhairle Baile Dhùn Èideann agus dh’obraich i cuideachd mar eòlaich-conaltraidh airson Prìomh Mhinisteir na h-Alba Jack McConnell agus an uair sin do Jim Murphy nuair a bha esan na cheannard.

Cha do dh’fhàg iad airson pàrtaidh eile. Cha do dh’atharraich iad am beachdan mu dhèidhinn neo-eisimeileachd, no poileataigs anns an fharsaingeachd. Cuiridh mi geall gun lean cuid iad a-mach an doras, iad ag ràdh riutha fhèin mura h-eil àite anns a’ phàrtaidh airson an leithid chan eil àite ann dhomhsa a bharrachd.

Tha fàs air tighinn air àireamhan de bhallrachd a’ phàrtaidh on a ghabh Corbyn dreuchd a’ cheannaird, ach tha am fàs sin a’ cleith trioblaidean a’ phàrtaidh; tha fianais ann gu bheil cuid air a’ phàrtaidh fhàgail cuideachd, agus mar Dalgety agus Harris, thug iad leotha comasan agus eòlas a choisinn iad thar nan deicheadan. Cha chreid mi gum bi a’ bhallrachd ùr idir cho comasach, gu h-àraid leis nach deach a chuid a bu mhotha dhiubh an sàs ann am pàrtaidh sam bith roimhe.

Cuideachd, a-rèir aithisg bho Leabharlann Taigh nan Cumantan, bhon t-Sultain, chan eil ach 5% de bhallrachd a’ phàrtaidh Làbaraich stèidhichte ann an Alba. Mar sin tha fàs a’ phàrtaidh anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte a’ lùghdachadh cumhachd agus buaidh a’ phàrtaidh Albannach.

Dìreach beagan bhliadhnaichean air ais, agus airson a’ mhòr-chuid den 20mh linn, cha robh pàrtaidh ann an Alba cho cumhachdach no soirbheachail ris na Làbaraich. Anns na suidheachaidhean anns an robh iad as cumhachdaiche – Taigh nan Cumantan, Comhairle Baile Ghlaschu agus Taigh an Ròid airson a’ chiad dà phàrlamaid – tha iad a-nis air cumhachd a chall. An-diugh tha iad anns an treasamh àite anns a’ Phàrlamaid ann an Dùn Èideann agus chan eil dad a choltas ann gun atharraich an suidheachadh sin anns an àm ri teachd.

Gun teagamh, tha cuid ann an Alba a tha deònach taic a chur ri Pàrtaidh Làbarach sam bith, agus cuid eile a tha deònach taic a chur ri pàrtaidh sam bith le Jeremy Corbyn os a chionn, ach chan eil an dà bhuidheann sin idir mòr gu leòr gus taghadh nàiseanta a bhuannachadh.

Nuair a ghabh Tony Blair smachd thar a’ Phàrtaidh Làbaraich rinn e atharrachaidhean mòra agus connspaideach, ach leig e leis a’ phàrtaidh ann an Alba leantainn air mar a bha iad. Agus bhuannaich am pàrtaidh sin mòr-chuid trì tursan. Chan eil dad a dh’fhianais ann gun dèan Corbyn a leithid gu bràth.

Chan eil e soilleir idir dè choltas a bhios air a’ phàrtaidh aon uair ’s gun tig crìoch air linn Mgr Corbyn. Ach dè as urrainn dhaibhsan a tha anns a’ phàrtaidh Làbarach ann an Alba ach nach eil dìleas do Chorbyn a dhèanamh? Chan eil air fhàgail aca ach a’ bhith foighidneach. Sin na rinn Corbyn agus dh’obraich e dha.

SUMMARY:
Under Richard Leonard the Labour Party in Scotland has become an inhospitable place for anyone who is not a Corbynite. His recent reshuffle which left the few experienced Labour MSPs on the backbenches and the party’s public spat with Kezia Dugdale over her legal fees are only two examples of the behaviour that is now driving out some party members. The only electoral success that the Corbynites have achieved is in internal Labour elections and their take-over of Scottish Labour will not be enough to bring the party back to power or regain their lost relevance in a country that has moved on.

GLOSSARY:
Dìleas Loyal
Foighidneach Patient
Deònach Willing