Nuair a chaidh Prionnsa Mohammed Bin Salman ainmeachadh mar oighre a’ chrùin ann an Rìoghachd Aràibia nan Sabhd an-uiridh, bha cuid an dòchas gun cuireadh e an dùthaich air slighe beagan nas adhartaiche. Lùghdaich e na h-ìrean uabhasach de chasgan a tha air boireannaich na dùthcha, a’ leigeil le cuid dhiubh dràibheadh airson a’ chiad uair, mar eisimpleir.

Ach tha e soilleir nach robh còir aig dòchas a bhith aig duine sam bith agus gu bheil Bin Salman gus a chumhachd a chleachdadh ann an dòighean cho brùideil ’s a ghabhas. Agus tha e coltach gu bheil e deònach na dòighean brùideil sin a sgaoileadh gu dùthchannan eile cuideachd.   

’S e am prionnsa, a tha na Leas-Phrìomh Mhinistear, na dhreuchd Rùnaire Dìon, as coireach ris a’ chogadh a tha an Rìoghachd a’ sabaid ann an Iemen. Chan eil dùthaich air an t-saoghal ann an suidheachadh cho èiginneach ‘s a tha Iemen air sgàth a’ chogaidh sin. Thug na Dùthchannan Aonaichte seachad rabhadh anns an Dàmhair gun robh cunnart ann gun adhbhraicheadh an cogadh gort a bhuaileadh air còrr is 13 millean neach san dùthaich.

Chan e an cogadh sin a-mhàin a tha air cliù Bin Salman a sgrios. Anns an Dàmhair, chaidh Jamal Khashoggi, fear-naidheachd a bha air an Rìoghachd a chàineadh na sgrìobhaidhean, a-steach dhan ambasaid Shabhdaich anns an Tuirc agus chan fhaca duine a-rithist e. Chan eil teagamh sam bith nach deach a mharbhadh an sin. Dh’fhoillsich an CIA gu bheil iad air co-dhùnadh gum b’ e Bin Salman fhèin a thug seachad an t-òrdugh am fear-naidheachd a mhurt.

Às dèidh marbhadh an sgrìobhadair, thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, nach reiceadh iad buill-airm sam bith dhan dùthaich. Chuir iad stad air reicean a bha mar-thà air aontachadh leotha, is iad ag ràdh nach robh iad deònach buill-airm a reic dhaibh gus an rachadh am freagairt air na thachair do Khashoggi.  

Ron chasg seo ’s ann do dh’Aràibia nan Sabhd a reic a’  Ghearmailt an dàrna àireamh as motha de bhuill-airm am bliadhna, a’ reic bhuill-airm de luach còrr is €400m dhaibh. Bha cuid anns a’ Ghearmailt ag iarraidh air an riaghaltas aca sgur dheth co-dhiù, air sgàth a’ chogaidh ann an Iemen agus nan eucoirean an aghaidh còirichean dhaoine anns an Rìoghachd ach thug an tachartas seo leisgeil do riaghaltas na Gearmailt sin a chur an gnìomh.

Gu mi-fhortanach, chan eil teans gun lean an Rìoghachd Aonaichte  eisimpleir na Gearmailt. Thar deicheadan tha an RA air buill-airm a reic ris na Sabhdaich agus air ola a ghabhail air iomlaid air an son ann an sreath chùmhnantan ris an canar Còrdadh Armachd Al-Yamamah, an sreath chùmhnantan as motha, cha mhòr, ann an eachdraidh malairt nam ball-airm.

On a thòisich an cogadh ann an Iemen, ann an 2015, tha buidhnean leithid Human Rights Watch agus iomadh neach-naidheachd air cumail a-mach gun do chleachd feachdan Sabhdach buill-airm Bhreatannach an aghaidh shìobhaltaich.

Tha Riaghaltas Bhreatainn eòlach air na casaidean seo ach chan eil iad air dad a dhèanamh gus stad a chur air a’ chogadh, no air Aràibia nan Sabhd a’ cleachdadh buill-airm Bhreatannach anns an dòigh seo. Tro bhith a’ leigeil leotha, tha Riaghaltas Bhreatainn a’ sealltainn dhan chòrr den t-saoghal gu bheil iad deònach buill-airm a reic agus coma leotha ciamar a thèid an cleachdadh.  

Ged a tha iad ciontach, chan e an riaghaltas a-mhàin as coireach. Cha chreid mi gum bhiodh Jeremy Hunt gu cus feum ann am factaraidh armachd. Tha aig daoine, luchd-obrach, ris na h-innealan agus an teicneòlas seo a chruthachadh agus a thogail. Agus tha dleastanas moralta air luchd-obrach cuideachd.

Nochd film na bu thràithe am bliadhna-sa “Nae Pasaran” air an dearbh chuspair sin. Tha am film aithriseach ag innse mar a dhiùlt luchd-obrach ann am factaraidh Rolls-Royce ann an Cille Bhrìde an Ear obair a dhèanamh air einnseanan plèana nuair a lorg iad gun robhar gus an cleachdadh le feachd-adhair Chile, às dèidh dhan deachdaire Pinochet smachd a ghabhail gu fòirneartach thar na dùthcha a’ bhliadhna roimhe.

Thuig an luchd-obrach seo gun robh dleastanas moralta orra cuideachd agus bha iad ceart. Tha an dearbh dhleastanas sin air duine sam bith agus dìreach leis mar a tha teaghlach agad no morgaids, chan eil sin na leisgeul.

Às dèidh Brexit, bidh an Rìoghachd Aonaichte, no co-dhiù na tha air fhàgail dhith, a’ sireadh dreuchd ùr anns an t-saoghal agus a-rèir coltais, chan eil iad airson casg sam bith a chur air cothrom airgead a dhèanamh. Coma leotha sìobhaltaich ann an Iemen no corp sgrìobhadair a bha dàna gu leòr gus rìoghachd bhrùideil a chàineadh.

Ann an Alba neo-eisimeileach, bidh roghainnean doirbh againn ri dhèanamh aig iomadh àm. Ach cha bhi seo air aon dhiubh. Mura h-eil sinn deònach còirichean-daonna a dhìon ann an dùthchannan eile, chan fhada gus nach bi cus dhiubh air fhàgail againn an seo.

Glossary:

Aràibia nan Sabhd – Saudi Arabia

Oighre – Heir

film aithriseach – Documentary Film

Iemen – Yemen