AN t-seachdain-sa chaidh, fhuair sinn sealladh air cho deònach is a tha an ginealach òg an guthan a thogail mu chuspairean poilitigeach agus rinn iad sin ann an dòigh gu math inntinneach. Air Dihaoine, chaidh 15,000 duine-cloinne air stailc, is iad ag iarraidh gun gabh luchd-poileataigs ris na poileasaidhean radaigeach a tha dhìth oirnn gus stad a chur air atharrachadh na gnàth-shìde.

An-uiridh, dh’fhoillsich panail de dh’eòlaichean co-cheangailte ris na Dùthchannan Aonaichte aithisg a thug seachad rabhadh cudromach; cho-dhùin iad nach robh ach 12 bliadhna air fhàgail againn gus blàthachadh na cruinne gu a chumail aig ìre 1.5C. Fiù ’s aig an ìre ìosal sin, bheireadh sin buaidh mhòr air ar saoghal. Nochd aithisg eile mun aon àm, a dhearbh gun deach 60% de bheathaichean an t-saoghail a sgrios on bhliadhna 1970. Is truagh nach eil ar luchd-poileataigs deònach èisteachd ris na rabhaidhean seo.

Ma thèid an saoghal a sgrios le blàthachadh na cruinne a tha an siostam eaconomaigeach agus poileataigeach againne air adhbharachadh, ’s e clann latha an-diugh agus na ginealaichean ri thighinn as motha a dh’fhuilingeas. Is beag an t-iongnadh gum biodh iad airson iomairt is strì a dhèanamh mu dhèidhinn.

Chuir am Prìomhaire sìos orra, ag ràdh gun robh iad a’ cosg ùine ann an dòigh mì-iomchaidh agus gum b’ fheàrr dhaibh dol dhan na clasaichean aca. Feumaidh nach do mhothaich i gu bheil ise agus an Riaghaltas aice dìreach air dà bhliadhna a chosg a’ dèanamh bùrach de Bhrexit. Dìreach smaoinich air an adhartas a b’ urrainn don Riaghaltas Bhreatainn a bhith air a dhèanamh le atharrachadh na gnàth-shìde, am measg iomadach roinn phoileasaidh eile, mura b’ e gun robh iad a’ cosg ùine air Brexit.

’S e eisimpleir glè inntinneach a th’ anns an stailc seo. ’S e an ginealach òg seo a’ chiad ghinealaich a thogadh leis an t-eadar-lìon fad am beatha agus anns gach roinn den bheatha aca, chan ann a-mhàin air le àireamh beag de choimpiutairean, mar a bha e nuair a bha mise nam bhalach. Mar a shaoileadh tu, tha seo air buaidh a thoirt air mar a bhios iad ag iomairt, agus feuchainn ri atharrachaidhean poilitigeach a bhrosnachadh.

Cha b’ e buidheann proifeasanta no pàrtaidh poilitigeach a bh’ ann a chur an stailc seo air dòigh, ach lionradh de chlann a thog ceanglaichean le chèile air loidhne. Chan ann a-mhàin anns an Rìoghachd Aonaichte a tha na stailcean seo air tachairt. Thairis air na mìosan a dh’fhalbh chaidh clann-sgoile air stailc ann an iomadh dùthaich, bho Shealainn Nuadh gu Uganda, agus an aon teachdaireachd aca uile.

Thuirt cuid a bha an sàs ann gun d’ fhuair iad am beachd airson na stailc bho Greta Thunberg, nighean-sgoile bhon t-Suain, a tha air a clasaichean a dhiùltadh gach Dihaoine fad mhìosan a-nis agus a thug seachad òraidean air a’ chuspair aig tachartasan eadar-nàiseanta. Agus tha Greta fhèin ag ràdh gun d’ fhuair ise brosnachadh bhon iomairt aig clann-sgoile ann an Florida “March For Our Lives” – an strì airson laghan nas teinne air gunnaichean anns na Stàitean às dèidh dhan ionnsaigh uabhasach anns an do dh’eug 17 clann-sgoile ann am Parkland ann am Florida an-uiridh.

Thug e togail dhomh an stailc seo fhaicinn. ’S e rud gabhaltach a th’ ann am misneachd agus ma tha sinn gus a’ chùis a dhèanamh air na cnapan-starra a tha romhainn uile air a’ phlanaid seo, bidh misneachd a dhìth oirnn. Tha e cho furasta fàs trom-inntinneach a’ beachdachadh air na tha romhainn, ach cha bu chòir dhuinn. A-rèir coltais, chan eil an ginealach ùr seo deònach leigeil linn sin a dhèanamh.

On a fhuair an siostam calpachas nua-libearalach làmh an uachdair air eaconomaidhean agus pàrtaidhean poilitigeach anns an iomadh dùthaich, a’ tòiseachadh anns na 1980an, tha e air an t-saoghal agus an àrainneachd a chreachadh. Agus às dèidh gach bliadhna tha lùghdachadh air tighinn air an àireamh de dhaoine a tha a’ faighinn buannachd sam bith às an t-siostam mì-chothromach seo.

Chan eil an ginealach òg, no mo ghinealach-sa a-rèir coltais, cho deònach an siostam calpachas fhàgail aig na billeanairean agus fhad is a tha na billeanan eile beò ann am bochdainn agus ar planaid na òcrach agus ar cuantan làn treallaich.

Fad ùine ro fhada a-nis, tha cuid air breugan a chreidsinn; gun urrainn dhuinn ar n-àrainneachd a dhìon a-mhàin tro ar roghainnean anns na bùithtean. ’S e an fhìrinn nach eil ach aon roghainn againn; chan e roghainn a th’ ann eadar càr mòr agus càr beag, ach eadar calpachas nua-libearalach agus slàinte agus sàbhailteachd ar planaid.

’S e atharrachaidhean phoilitigeach a tha a dhìth oirnn agus tha sinn feumach air iomairtean phoilitigeach, mar stailcean den leithid seo, gus airean a thogail agus na h-atharrachaidhean sin fhaighinn. Tha mi an dòchas, ann an ùine nach ro fhada, gum faic sinn barrachd stailcean mar seo agus gun tèid na h-inbhich ann sàs annta cuideachd, agus gum bi sinne uile a cheart cho dàna is misneachail is a tha a’ chlann-sgoile seo.

SUMMARY:

A new generation of activists proved themselves last Friday, when thousands of schoolchildren from across the UK went on strike demanding action to prevent climate-change. The science is beyond doubt, and dealing with this problem requires political deeds not just consumer choices. I hope that more adults join in with the future strikes and that we all follow these children and their bravery and determination.

GLOSSARY:

Ginealach – Generation Atharrachadh

na gnàth-shìde – Climate change

Blàthachadh na cruinne – Global warming